Seathrun Ceiteann

David James McCallum

0 fans

David James McCallum

David James McCallum is a Scottish musician and actor. He is known for his role as Illya Kuryakin in the television series "The Man from U.N.C.L.E." and for his work as a session musician, particularly his contribution to the 1967 hit song "The Edge" by The Ventures. He has released a few solo albums, primarily in the 1960s, showcasing his skills as a guitarist. more »


3:29
#1

 The easy, fast & fun way to learn how to sing: 30DaySinger.com

Tha mi cha mhòr a caill mo ghuth
Ach 'sa Ghàidhlig àmhain
Tha mi nam aonaranach 'san uaimh
Le m' thaic faisg air làimh

'S cho falaichte nan dorchadas
Gun choinneal gun t-sòlais
Ach pàipear, ite nan fhithich
'S m' eòlas

Tha droch-shluagh nan Chrombail
Air m' ionnsaidh fad an t-saoghal
Ach bidh tuaithean nan ard-Ghàidheil
Nam thaiceil mar is dual

Mar is còir leis na h-Èireannaich
Bho rìgh-chathair gu chumhail
Eisgear gu tuathanaich
Pèiste gu mhanaich mhaoil

Chan eil geas orm no piseòg
Ach feumaidh mi greasad orm
A' sgrìobhadh fad na h-oidhche
Litreach beag, duilleag làn

Bhon thùs, mus tig ar slànuighear
Bha daoine ann cho dàna
Nach robh iad nan Crìosdaidhean
Ach bha iad fhathast airidh

'S luachmhor 'son aithne air
Cliùiteach's ainmeil
Ar sinnsirean glòrmhor
Brosnachail coibhneil

Air a' thoiseach gu grinnmhor
A' sàbaid cho fuilteach
A' caill cho brònach
No 'g buadhach gu buileach

SÈIST
FORAS FEASA NA H-ÈIREANN
STÉIDH EÒLAIS ÈIREANNAICH
AIR A SGRÌOBHADH LE CLÈIRICH
SAN UAIMH FHALAICHTE
NUAIR A BHA AN CROMAILAICH
A LORG A H-UILE SAOI
AIRSON A MHARBHADH
AIR SGÀTH'S AN EUDACHD AIR AR SLIGHE

Bho shìol Eireamhain,
Gu ard-shlighe Bhriain an Rìgh
A' cur fògradh air an Gallaibh
Leis a shabaid 's strì

Air am marbhadh as deidh CluanTarbh
Bho làimh a' nàmhaid
'S Tuirgeis, a' cuir a' bhean
Na suidhe air an altair

Eaglais mhòr Ard Mhacha
Airson faidheadaireachd,
A thoirt ri na Lochlannaich
'S Èirinn fo smachd

Ach fo Dhia cuideachd
Brònach 's tuirseach
Le toll gort nar cridhean
Ach dòchasach

Airson ar saoirse bhuannachadh
Gàidheil 's Cruithnich
Bho pàiste beag gu saoi
Cailleag gu laochan cruaidh

Mallachdan air an t-sluaigh
A bhios nar n-aghaidh, cho luaithe
Leis a bhrèith mar aingeal Dhè
A' cuir dìol air an t-saoghal

Maelseachlainn, a cheann mhaol
A' milleadh bho Chuige Uladh
Gu Laighin san taobh dheas
A' dòrtadh mòran fhuil

A dhroch-sgeul cho truaighe
Chan fhaca a' choltas riamh
Ach bidh e buileach nas miosa
Ann an àm sa tighinn!

SÈIST
Ogigia, Èireamhain
Partholon, Nèimheadh
Fenius Farsaidh, gu àm
A' Chlann Mìleadh

Labhraidh Loingseach
Leis a' chluasan mar asail
Daithí, Rìgh Chonnacht
Air a dhàn fhèin thaisgeal

Air a losgadh san Eilbheis
Air a' chladach Loch Ghenève
Fhaighinn a dhroch-bhrèith
Bho fìor dhealain Dhè

Agus os cionn cach
Naomh Calum Cille caomh
A' seasamh mar laochan
No mar fitheach air a' chraobh

A' chomhairle ri Bruide
Ard Rìgh nan Cruithneach
'S Brochan bochd a' dhraoidh
Leis a thràilleag Ultach

Cha robh faobhar stàilinn a chaoidh
Cho geur mar inntinn naomh
Am fir neartach maol
Ainm bàisteach Criomthann O'Cúinn

An t-soisgeul air a ghiùlan
Beannachd air na truaillean
Fad 's farsaing Cruithean-Tuaith
Am manach craicte ruadh

A' chànan cho luath
Cha b' urrainn dhan t-sluagh
A bhi gu buileach ga thuigsinn
Ach bha iad fhathast air am buainn

 The easy, fast & fun way to learn how to sing: 30DaySinger.com

Written by: David McCallum

Lyrics © DistroKid

Lyrics Licensed & Provided by LyricFind

Discuss the Seathrun Ceiteann Lyrics with the community:

0 Comments

    Citation

    Use the citation below to add these lyrics to your bibliography:

    Style:MLAChicagoAPA

    "Seathrun Ceiteann Lyrics." Lyrics.com. STANDS4 LLC, 2024. Web. 27 May 2024. <https://www.lyrics.com/lyric-lf/5069565/David+James+McCallum/Seathrun+Ceiteann>.

    Missing lyrics by David James McCallum?

    Know any other songs by David James McCallum? Don't keep it to yourself!

    Watch the song video

    Seathrun Ceiteann

    24
    1     0

    Browse Lyrics.com

    Quiz

    Are you a music master?

    »
    Who is the bassist in the band Bring me the Horizon?
    A Dan Clermont
    B Matt Kean
    C Jordan Fish
    D Oliver Sykes

    Free, no signup required:

    Add to Chrome

    Get instant explanation for any lyrics that hits you anywhere on the web!

    Free, no signup required:

    Add to Firefox

    Get instant explanation for any acronym or abbreviation that hits you anywhere on the web!

    David James McCallum tracks

    On Radio Right Now

    Loading...

    Powered by OnRad.io


    Think you know music? Test your MusicIQ here!